Fios mu bhriathrachas 's mu ghnà thasan-cainnt na Gà idhlig, mu chleachdaidhean 's mu chreideasan nan Gà idheal. Gaelic terminology, proverbs and idiom, as well as Highland customs and beliefs.
Tha Mòr NicLeòid à Brù, Leòdhas a’ cuimhneachadh air amannan sònraichte dhen bhliadhna, leithid Diluain Traoight agus an t-Iuthar.
DetailsCòmhradh ri Dòmhnall “Pinch†MacArtair à Siabost, Leòdhas mun dòigh anns am biodh e a’ dèanamh chlèibh. Cuideachd ri chluinntinn bidh seanfhacail, abairtean agus facail annasach.
DetailsCluinnear cuimhneachain air à m nan òrduighean ann an Leòdhas, Scalpaigh agus Uibhist a Tuath. Cuideachd, cluinnear fiosrachadh a thà inig bho luchd-èisteachd BBC Radio nan Gà idheal mu thrìthean.
DetailsCluinnear bho Dhòmhnall Iain MacIllfhinnein mu chuid de na cunnartan agus cuid de na cleachdaidhean a bha co-cheangailte ri à m breith a’ chruidh.
DetailsCluinnear còmhradh mun taigh-falaich agus mu rùm an uaigneis ann an taigh dubh. Cuideachd, fios mu na facail deiseil agus tuathal.
DetailsLeis an uair air atharrachadh agus dreach an earraich a’ tighinn air an tìr, bhiodh na seann daoine a’ smaoineachadh air obair an earraich.
DetailsCluinnear cuimhneachain air seann chleachdaidhean co-cheangailte ri cur a' bhuntà ta, còmhla ri Flòraidh NicIlleathain agus Donnchadh Currie à Loch Baghasdal, Uibhist a Deas.
DetailsCaoil an earraich, no liath-rùisgean an earraich - b’ e sin ainm a bha air na mìosan nuair a bha biadh a’ gheamhraidh an ìre mhath air caitheamh. Cluinnear iomradh air diofar sheòrsachan feamainn.
DetailsTha Flòraidh NicIlleathain, Iain MacIlleathain agus Fionnlagh Macleòid a' beachdachadh air prògraman na mìos a chaidh seachad.
DetailsBha à ite gu math sònraichte aig a' ghobha agus aig a' cheà rdach anns a' choimhearsnachd.
Details'S e na h-eòin prìomh chuspair a' phrògraim seo. Ann am Paiblesgearraidh, bha Ailig MacAmhlaigh ga feitheamh, gan coimhead, gan ionndrainn, gan èisteachd agus cuideachd ag atharrais orra.
DetailsSpeuradaireachd: Coinneach Iain MacAoidh agus Coinneach Iain Mac a’ Ghobhainn a' bruidhinn air oidhche bhrèagha, reòdhte, aig fìor dheireadh 1997.
DetailsTha Iain MacIlleathain a' dol cuairt gu cuid de dh'à irighean muinntir Nis ann an cuideachd Thormod Mhic a' Ghobhainn, duine a dh'fhà g là rach a chois iomadh uair air a' mhòintich sin.
DetailsMar phrìomh chuspair, tha Flòraidh a' faighinn a-mach mar a bhathas a' cur an t-sìl ann am Brà gar, air taobh siar Leòdhais.
DetailsCluinnear Fionnlagh MacLeòid, Iain MacIlleathain is Flòraidh NicIlleathain a' beachdachadh air iomadh cuspair. Nam measg, tuilleadh mu eòin agus mun cheà rdaich.
DetailsIomradh air mar a nigheadh tu plangaidean agus cuibhrigean airson an ùrachadh as dèidh a' gheamhraidh.
DetailsTha Iain MacIlleathain a' toirt cuairt eile chun na h-à irigh agus a bhroinn an taigh-earraich a bha aig piuthar-athar Pheigi NicIllÌosa ann an Nis, Leòdhas.
DetailsCha do chuir Flòraidh là mh air deamhais a-riamh gus na thadhail i air faing anns an Eilean Sgitheanach far an d'fhuair i leasan air ciamar a rùisgeadh no a lomadh i caora.
DetailsA' buachailleachd, an cuairteachadh agus a' choimhead. Sin trì obraichean air an tugadh tarraing anns a' phrògram seo, a bharrachd air an obair a bha constabal a' dèanamh ann am baile.
Details'S e an constabal, agus an obair a bha an urra ris, prìomh chuspair a' phrògraim seo. Tha Iain cuideachd a' faighinn a-mach mu obair a' bhuachaille, agus mu là ithean-saora nan cearcan!
DetailsTha Mòr NicLeòid ag innse mar a bhathas a' dèanamh gruth agus ìm agus na h-innealan a bhathas a' cleachdadh airson an dèanamh. Nam measg bha fiodhan, eachan, biota agus uaireannan imideal.
DetailsAnns a' phrògram seo tha ruith ga thoirt air diofar sheòrsa chairtean; thathas a' suathadh a-rithist ri crodh agus ri buntà ta, ach 's e eich am prìomh cheann còmhraidh.
DetailsMun à m seo dhen bhliadhna, bhiodh uallach mu bhiadh a shìneadh a-mach do dhaoine agus do bheathaichean, gun tigeadh fàs a-rithist. Aon dòigh air sin a dhèanamh, ‘s e a dhol dhan trà igh fhaochaig.
DetailsEach seabhan, each gorm, each fodair, sìthichean is nathraichean. Chan eil an sin ach cuid de na cuspairean a chùm cagnadh ri Fionnlagh, Iain agus Flòraidh anns a' phrògram seo.
DetailsAn t-seachdain-sa, cluinnidh sibh mu chruachan mònach, mu aiseag na mònach, còrr na mònach is mu isean cruaich. Cuiridh sibh cuideachd eòlas air deasgainn agus slaman, miodar, buidhean agus cuman.
DetailsTha Flòraidh NicIlleathain ag ionnsachadh mu spealadh. Cuideachd, iomradh air facail co-cheangailte ri obair na mònach agus rann agus sgeulachd co-cheangailte ri Naomh Calum Cille.
DetailsTha Iain MacIlleathain agus Iain Murchadh MacAoidh à Siadar, Leòdhas, a' beachdachadh air craobhan leithid giuthas, caorann, critheann agus calltainn.
Details'S e craobhan cuspair a' phrògraim seo agus tha Iain Murchadh MacAoidh uair eile còmhla ri Iain MacIlleathain airson beachdachadh air sice, feà rna, dromanach, droigheann dubh agus learag.
DetailsAnns a' phrògram-sa, tha Iain, Flòraidh agus Fionnlagh a' beachdachadh air an diofar eadar fuaran agus tobar, agus eadar bad agus beum. Cluinnidh sibh cuideachd mu chuilean cruaich agus mu ghà dag.
Details'S e Facal nan Each, cò aige a bha e, agus dè bha e a' ciallachadh, prìomh chuspair a' phrògraim seo.
DetailsEich agus an dà shealladh, an t-sìde, obair an arbhair agus an fheòir, sin cuid de na cuspairean ris na shuath Flòraidh agus Iain an t-seachdain seo.
DetailsThathas cuideachd a' cuimhneachadh air iasgach an langa air taobh siar Leòdhais agus air dòigh neo-à bhaisteach air cudaigean a ghlacadh sa gheamhradh.
DetailsBithear a' beachdachadh air trà la agus tabh, agus air cuid de na facail agus na cleachdaidhean a bha co-cheangailte ris an achadh-bhuana.
DetailsCluinnear fiosrachadh mu chur-seachadan a bh’ aig daoine ro à m an dealain agus an telebhisein, à m nuair a bha daoine a’ cruthachadh nan cur-seachadan aca fhèin.
DetailsTha dòrlach sheanfhacail anns a' phrògram seo agus cuimhneachain air oidhcheannan gealaich agus cuid de na cleasan ris am biodh an òigridh.
Details'S e prògram sònraichte air aon chuspair a-mhà in a bha seo. Cluinnear Donnchadh MacMhathain a' toirt fiosrachadh mu thughadh, gu h-à raidh tughadh le bun-dubh.
DetailsCluinnear Donnchadh MacMhathain a' toirt fiosrachadh mu thughadh, gu h-Ã raidh tughadh le bun-dubh.
DetailsIomradh air mar a bhiodh ìomhaigh de Mhoire a' dol bho thaigh gu taigh ann an aon sgìre an Uibhist a Deas.
DetailsLe mìosan dubha a' gheamhraidh a-nis air fà ire, 's beag an t-iongnadh gu robh Oidhche Shamhna na h-adhbhar toileachais, co-dhiù don chloinn!
DetailsBho chailleachan gu dòighean air rudan a cheangal, bho Oidhche Shamhna gu aois a' chaorainn mu à m na Bliadhn' Ùir, tha an còmhradh eadar Iain, Flòraidh agus Fionnlagh a' dol fada is farsaing.
DetailsBho chailleachan gu dòighean air rudan a cheangal, bho Oidhche Shamhna gu aois a' chaorainn mu à m na Bliadhn' Ùir, tha an còmhradh eadar Iain, Flòraidh agus Fionnlagh a' dol fada is farsaing.
DetailsCha ghann nach eil facail, seanfhacail agus abairtean anns a' phrògram seo, agus sgrìob timcheall air Muileann Gharraboist, Leòdhas còmhla ri seann mhaor eòlach, Seonaidh a' Mhuilleir.
DetailsTha seanfhacail agus abairtean a' dèiligeadh ri iomadh cuspair anns a' phrògram seo, agus cunntas air à m breith pà iste bho Mhà iri NicÌomhair à Tolastadh bho Thuath, Leòdhas.
DetailsAnns a' phrògram seo, tha dà dhiùlnach à sgìre Ùig an Eilean Leòdhais ag innse mar a shailleas tu feòil a' gheamhraidh. Cluinnear cuideachd mar a shailleas tu uighean, agus mar a tha maoil maol.
DetailsAnns a' phrògram seo thug Iain, Flòraidh agus Fionnlagh sùil air ais air muilnean agus air sailleadh, agus thug iad sùil aithghearr air adhart gu deireadh na bliadhna.
DetailsBheireadh am prògram seo bùrn gu d'fhiacail le còmhradh mu na glasan, marag a' bhuachaille, currac an rìgh agus an t-snà ithle, dìreach cuid de na maragan mun cuala Iain agus Flòraidh.
DetailsTha Fionnlagh Macleòid còmhla ri Flòraidh NicIlleathain agus Iain MacIlleathain ‘s iad nan triùir a’ beachdachadh air cuid de na chuala iad thairis air na trì prògraman mu dheireadh.
DetailsTha dòrlach mhath de sheanfhacail an seo, a bharrachd air dealbh sònraichte air bùth anns am faigheadh tu a h-uile cà il a bha a dhìth ort, bhon à ran chun sgadain, bhon tombaca chun leathair!
DetailsA' tighinn gu deireadh na bliadhna tha Fionnlagh, Flòraidh agus Iain a' coimhead air ais air muilnean agus bùthan, maragan agus ceannaichean.
DetailsAirson an turas mu dheireadh am-bliadhna, tha Iain MacIlleathain is Flòraidh NicIlleathain ag iarraidh Facal Oirbh. Sùil air ais air cuid de na cuspairean a nochd thairis air a' bhliadhna.
DetailsCòmhradh ri Seonaidh Bà n Dòmhnallach mu togail agus cà radh ghà rraidhean, rud a bha na phà irt mhòr de dh’obair nam bailtean faisg air toiseach na bliadhna.
DetailsChaidh Iain MacIlleathain air chèilidh air Seòras MacLeòid ann an Dail Mòr, far an cuala e mu iomadh seòrsa lampa, nam measg an crùisgean, lampa-siobhaig, lampa a’ cheà ird, an Tilley agus an Coleman.
DetailsCluinnear Mìcheal “Binnie†MacNèill agus An t-Urramach Dòmhnall MacAmhlaigh a’ bruidhinn air iasgach na lìn-mhòir. Cuideachd, bithear a’ bogsaigeadh a’ chombaist.
DetailsTha an sgioba a’ beachdachadh air an diofar eadar balla agus gà rradh, agus a’ cuimhneachadh air linn an Tilley. Cuideachd ri chluinntinn bidh seanfhacail, abairtean agus facail annasach.
Details