Caoil an earraich, no liath-rùisgean an earraich - b’ e sin ainm a bha air na mìosan nuair a bha biadh a’ gheamhraidh an ìre mhath air caitheamh, cha b’ ann a-mhà in dha na beathaichean ach cuideachd dha na daoine. Bhiodh gu leòr mun à m seo a’ tionndadh ris a’ chladach airson beagan a chur ri annlan an taighe. Cluinnear iomradh air an fheamainn a bha a’ fàs bho bhà rr a’ chladaich gu grunnd trà ghad, agus an òrdugh anns am faighte iad, còmhla ri Iain NicIlleathain agus Mòr NicLeòid à Brù, Leòdhas.