Ontelly

Facal Oirbh - Facal Oirbh 17

Logo for Facal Oirbh - Facal Oirbh 17

Tha Flòraidh NicIlleathain, Iain MacIlleathain agus Fionnlagh Macleòid a' beachdachadh air prògraman na mìos a chaidh seachad. Tha an latha a' sìneadh gu math a-nis; cha mhòr nach eil an latha ann gu àm cadail. Tha co-dhiù pàirt dhen bhuntàta air a chur, agus tha an todhar agus an fheamainn gu ìre mhòr air an cruinneachadh agus air an sgaoileadh. Tha gàrraidhean air an càradh agus na caoraich a' breith.